lachiedamn

By lachiedamn

Isla doing Kirsty Allsop

DO BHEITHE BOIDHEACH
Neul a' snàmh air an speur,
duilleach eadar e 's cli mo shùil;
ùr bàrr-uaine gruag a' bheithe,
eug nan leitir cas mu 'n Lùib.
Oiteag tighinn bharr an tuim,
a toirt fuinn as dhos;
cruit na gaoithe do bhàrr teudach,
cuisleannan nan geug ri port.
Ailleagan nan glac so shìos,
sìodhbhrugh do, na h-eòin do dblùths,
thu 'gan tàladh as gach àirde,
iad a' teàrnadh ort le sunnd.
Ceileireadh 's e binn binn,
seirm is seinn air a' chnoc,
nuair a chromas na h-eòin Shamhraidh
air do mheanglain 's mil 'nan gob.
Is fhèarr na 'n ceòl t' fhaicinn fhèin
air bhogadan réidh fo 'n chnap,
seang bàrr-sniomhain amhlach ùrar,
is dealt 'na chùirnein air gach slait.

Comments
Sign in or get an account to comment.